Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 22:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar seo tha co‑chruinneachadh an Tighearna uile ag ràdh, Ciod e an cionta seo a rinn sibh an aghaidh Dia Israeil, tilleadh air falbh an‑diugh o leantainn an Tighearna, le altair a thogail dhuibh fhèin, a‑chum ceannairc a dhèanamh an‑diugh an aghaidh an Tighearna?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Oir bu nàir leam buidheann shaighdearan agus marc-shluagh iarraidh air an rìgh, a chuideachadh leinn an aghaidh an nàmhaid air an t‑slighe: a chionn gun do labhair sinn ris an rìgh, ag ràdh, Tha làmh ar Dè a‑chum maith orrasan uile a dh’iarras e, ach a chumhachd agus a fhearg nan aghaidh-san uile a thrèigeas e.

Agus their thu riu, Ge bè duine air bith de thaigh Israeil, no de na coigrich a bhios air chuairt nur measg, a bheir seachad tabhartas-loisgte no ìobairt,

Oir ma thionndaidheas sibh air falbh o a leantainn-san, fàgaidh e fhathast uair eile anns an fhàsach iad, agus sgriosaidh sibh an sluagh seo uile.

An sin bidh àit ann a thaghas an Tighearna ur Dia, a thoirt air a ainm còmhnaidh a ghabhail ann: gu sin bheir sibh na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhuibh; ur tabhartasan-loisgte, agus ur n‑ìobairtean, ur deicheamh, agus tabhartasan-togte ur làimhe, agus taghadh ur bòidean uile a bhòidicheas sibh don Tighearna.

Agus chuala clann Israeil air a ràdh, Feuch, thog clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh, altair thall fa chomhair tìr Chanàain, ann an crìochan Iòrdain, far an tàinig clann Israeil thairis.

Agus thàinig iad gu cloinn Reubein, agus gu cloinn Ghad, agus gu leth-threubh Mhanaseh, gu tìr Ghilead, agus labhair iad riu, ag ràdh,

Is aithreach leam gun do rinn mi Saul na rìgh; oir thionndaidh e air ais om leantainn, agus cha do choilean e m’àitheantan. Agus chuir sin doilgheas air Samuel, agus ghlaodh e ris an Tighearna rè na h‑oidhche.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan