Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 22:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir clann Israeil a dh’ionnsaigh cloinn Reubein, agus a dh’ionnsaigh cloinn Ghad, agus gu leth-threubh Mhanaseh, do thìr Ghilead, Phinehas mac Eleàsair an sagart;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus b’e Phinehas mac Eleàsair a bu cheann-riaghlaidh orra o shean am fianais an Tighearna.

Mhic Abisua, mhic Phinehais, mhic Eleàsair, mhic Aaroin an t‑àrd-shagart:

Agus ghabh Eleàsar mac Aaroin aon de nigheanan Phutieil dha fhèin na mnaoi; agus rug i dha Phinehas: is iad sin ceannardan athraichean nan Lèbhitheach, a rèir an teaghlaichean.

Daingnichear gach tionnsgnadh le comhairle; agus le comhairle ghlic dèan cogadh.

Agus nuair a chunnaic Phinehas mac Eleàsair mhic Aaroin an sagart e, dh’èirich e suas o mheasg a’ cho-chruinneachaidh, agus ghabh e sleagh na làimh:

Agus chuir Maois iad a‑chum a’ chogaidh, mìle de gach treubh, iadsan agus Phinehas mac Eleàsair, an sagart, a‑chum a’ chogaidh, leis na h‑innealan naomha na làimh, agus na trompaidean gu sèideadh.

A‑nis bha aig cloinn Reubein agus cloinn Ghad ro‑mhòran sprèidhe: agus nuair a chunnaic iad fearann Iaseir, agus fearann Ghilead, feuch bha an t‑àite na àite sprèidhe:

Uime sin ma pheacaicheas do bhràthair ad aghaidh, imich agus innis a lochd dha eadar thu fhèin agus esan a‑mhàin: ma dh’èisdeas e riut, choisinn thu do bhràthair.

An sin fiosraichidh tu, agus rannsaichidh tu, agus feòraichidh tu gu dùrachdach; agus, feuch, mas fìrinn e, agus gu bheil a’ chùis dearbhte, gun do rinneadh a’ ghràinealachd sin nur measg;

Agus fhuair Eleàsar mac Aaroin bàs, agus dh’adhlaic iad e ann an sliabh a bu le Phinehas a mhac, a thugadh dha ann an sliabh Ephraim.

Agus chuir treubhan Israeil daoine air feadh uile threubhan Bheniàmin, ag ràdh, Ciod e an t‑olc seo a rinneadh nur measg?

Agus sheas Phinehas, mac Eleàsair mhic Aaroin, na làthair anns na làithean sin,) ag ràdh, An tèid mi fhathast a‑rìs a‑mach gu cath an aghaidh chloinn Bheniàmin, mo bhràthair, no an sguir mi? Agus thubhairt an Tighearna, Rachaibh suas; oir a‑màireach bheir mise thairis iad dod làimh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan