Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 22:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chuala clann Israeil seo, chruinnich coitheanal chloinn Israeil uile iad fhèin an ceann a chèile aig Siloh, gu dol suas a chogadh nan aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Oir tha mi a’ dèanamh fianais dhaibh, gu bheil eud aca a‑thaobh Dhè, ach chan ann a rèir eòlais.

Gu cinnteach buailidh tu luchd-àiteachaidh a’ bhaile sin le faobhar a’ chlaidheimh, ga sgrios gu tur, agus gach nì a tha ann, agus a sprèidh, le faobhar a’ chlaidheimh.

Agus chruinnich coitheanal chloinn Israeil uile an ceann a chèile aig Siloh, agus chuir iad suas pàillean a’ choitheanail an sin, agus cheannsaicheadh an tìr romhpa.

Agus chuir clann Israeil a dh’ionnsaigh cloinn Reubein, agus a dh’ionnsaigh cloinn Ghad, agus gu leth-threubh Mhanaseh, do thìr Ghilead, Phinehas mac Eleàsair an sagart;

Agus thàinig iad gu cloinn Reubein, agus gu cloinn Ghad, agus gu leth-threubh Mhanaseh, gu tìr Ghilead, agus labhair iad riu, ag ràdh,

Agus thill Phinehas mac Eleàsair an sagart, agus na ceannardan, o chloinn Reubein, agus o chloinn Ghad, à tìr Ghilead gu tìr Chanàain, gu cloinn Israeil, agus thug iad fios dan ionnsaigh a‑rìs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan