Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 22:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuala clann Israeil air a ràdh, Feuch, thog clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh, altair thall fa chomhair tìr Chanàain, ann an crìochan Iòrdain, far an tàinig clann Israeil thairis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Rinneadh na nithean seo ann am Betani air an taobh thall de Iòrdan, far an robh Eòin a’ baisteadh.

Air a’ chiad là den t‑seachdain thàinig Muire Magdalen gu moch, agus an dorchadas fhathast ann, a‑chum na h‑uaighe, agus chunnaic i a’ chlach air a togail on uaigh.

Agus chunnaic i dà aingeal ann an culaidhean geala, nan suidhe, fear aig a’ cheann, agus fear aig na casan, anns an àite anns an robh corp Iosa na laighe;

An sin bidh àit ann a thaghas an Tighearna ur Dia, a thoirt air a ainm còmhnaidh a ghabhail ann: gu sin bheir sibh na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhuibh; ur tabhartasan-loisgte, agus ur n‑ìobairtean, ur deicheamh, agus tabhartasan-togte ur làimhe, agus taghadh ur bòidean uile a bhòidicheas sibh don Tighearna.

Agus lean na daoine air an tòir anns an t‑slighe gu Iòrdan, gu ruig na h‑àthan; agus cho luath is a chaidh a’ mhuinntir a bha air an tòir a‑mach, dhruid iad an geata.

Agus nuair a thàinig iad gu crìochan Iòrdain, a tha ann an tìr Chanàain, thog clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh altair an sin làimh ri Iòrdan, altair mhòr ri amharc oirre.

Mar seo tha co‑chruinneachadh an Tighearna uile ag ràdh, Ciod e an cionta seo a rinn sibh an aghaidh Dia Israeil, tilleadh air falbh an‑diugh o leantainn an Tighearna, le altair a thogail dhuibh fhèin, a‑chum ceannairc a dhèanamh an‑diugh an aghaidh an Tighearna?

Gidheadh, ma tha fearann ur seilbhe neòghlan, rachaibh thairis do fhearann sealbh an Tighearna, far a bheil pàillean an Tighearna a chòmhnaidh, agus gabhaibh sealbh nar measg-ne: ach na dèanaibh ceannairc an aghaidh an Tighearna, no ceannairc nar n‑aghaidh-ne, le altair a thogail dhuibh fhèin, a thuilleadh air altair an Tighearna ar Dia.

Agus ghlac na Gileadaich àthan Iòrdain air na h‑Ephraimich: agus nuair a thubhairt na h‑Ephraimich sin a chaidh as, Leig dhomh dol thairis, thubhairt fir Ghilead ris, An Ephraimeach thu? Ma thubhairt esan, Chan eadh;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan