Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 22:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thàinig iad gu crìochan Iòrdain, a tha ann an tìr Chanàain, thog clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh altair an sin làimh ri Iòrdan, altair mhòr ri amharc oirre.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Abram, agus thubhairt e, Dod shliochd-sa bheir mise am fearann seo: agus thog e an sin altair don Tighearna, a dh’fhoillsicheadh dha.

Agus chaidh e as a sin gu sliabh air an taobh an ear de Bhetel, agus shuidhich e a bhùth, agus Betel aige air an taobh an iar, agus Hai air an taobh an ear: agus thog e an sin altair don Tighearna, agus ghairm e air ainm an Tighearna.

Agus dh’èirich Iàcob gu moch anns a’ mhadainn, agus ghabh e a’ chlach a chuir e fo a cheann, agus chuir e suas na carragh i, agus dhòirt e ola air a mullach.

Anns an là sin bidh altair don Tighearna ann am meadhon tìr na h‑Eiphit; agus carragh aig a crìch don Tighearna.

Agus chuala clann Israeil air a ràdh, Feuch, thog clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh, altair thall fa chomhair tìr Chanàain, ann an crìochan Iòrdain, far an tàinig clann Israeil thairis.

Agus thill clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh, agus dh’fhalbh iad o chloinn Israeil à Siloh, a tha ann an tìr Chanàain, gu dol do thìr Ghilead, gu fearann an seilbhe, a shealbhaich iad, a rèir facal an Tighearna le làimh Mhaois.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan