Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 21:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug clann Israeil le crannchur do na Lèbhitich na bailtean sin lem fearann co‑roinn, mar a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Is bràithrean Simeon agus Lèbhi: tha innealan aingidheachd nan àitean-còmhnaidh.

Mallaichte gu robh an corraich, oir bha i garg; agus am fearg, oir bha i an‑iochdmhor: roinnidh mi iad ann an Iàcob, agus sgaoilidh mi iad ann an Israel.

Anns an uchd tilgear an crannchur; ach is ann on Tighearna a tha a riaghladh gu lèir.

Bheir an crannchur air aimhreitean sgur, agus roinnidh e eadar na cumhachdaich.

Agus thàinig clann Ghad, agus clann Reubein, agus labhair iad ri Maois, agus ri Eleàsar an sagart, agus ri uachdarain a’ co‑chruinneachaidh, ag ràdh,

Agus roinnidh sibh am fearann le crannchur mar oighreachd am measg ur teaghlaichean: dhaibhsan as lìonmhoire bheir sibh an oighreachd as mò, agus dhaibhsan as teirce bheir sibh an oighreachd as lugha: bidh oighreachd gach duine anns an àit anns an tuit a chrannchur; a rèir treubhan ur n‑athraichean sealbhaichidh sibh.

Agus bidh na bailtean aca gu còmhnaidh a ghabhail annta, agus bidh am fearann co‑roinn airson an sprèidhe, agus airson am maoin, agus airson an ainmhidhean uile.

Uime sin tàirngidh sibh am fearann na sheachd earrannan, agus bheir sibh an tarraing an seo am ionnsaigh-sa, a‑chum gun tilg mi croinn air ur son an seo an làthair an Tighearna ar Dia.

Agus thug clann Israeil do na Lèbhithich, as an oighreachd, air àithne an Tighearna, na bailtean seo agus am fearann co‑roinn.

Bha aig cloinn Mherari, a rèir an teaghlaichean, à treubh Reubein, agus à treubh Ghad, agus à treubh Shebuluin, dà‑bhaile-dheug.

Agus thug iad a‑mach à treubh chloinn Iùdah, agus à treubh chloinn Shimeoin, na bailtean seo a tha air an ainmeachadh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan