Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 21:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha aig a’ chuid eile de chloinn Chohait le crannchur à teaghlaichean treubh Ephraim, agus à treubh Dhain, agus à leth-threubh Mhanaseh, deich bailtean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus mic Lèbhi: Gerson, Cohat, agus Merari.

Buci a mhac-san, Udsi a mhac-san, Serahiah a mhac-san,

Agus do mhic Chohait a dh’fhàgadh de theaghlach an treubha sin, thugadh on leth-threubh, eadhon leth-threubh Mhanaseh, le crannchur, deich bailtean.

Agus o Chohat bha teaghlach nan Amramach, agus teaghlach nan Idseharach, agus teaghlach nan Hebronach, agus teaghlach nan Udsielach: is iad sin teaghlaichean nan Cohatach.

Agus thàinig an crannchur a‑mach airson teaghlaichean nan Cohatach; agus bha aig cloinn Aaroin, an sagart, a bha de na Lèbhitich, le crannchur à treubh Iùdah, agus à treubh Shimeoin, agus à treubh Bheniàmin, trì-bailtean-deug.

Agus bha aig cloinn Ghersoin le crannchur, à teaghlaichean treubh Isachair, agus à treubh Aseir, agus à treubh Naphtali, agus à leth-threubh Mhanaseh ann am Basan, trì-bailtean-deug.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan