Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 21:45

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha d’fhàilnich a’ bheag de gach nì math a labhair an Tighearna ri taigh Israeil: thàinig an t‑iomlan gu crìch.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, a labhair le a bheul fhèin rim athair Daibhidh, agus a choilean e le a làimh, ag ràdh,

Agus choilean an Tighearna a fhacal a labhair e; agus dh’èirich mise suas an àite Dhaibhidh m’athair, agus tha mi am shuidhe air rìgh-chathair Israeil, mar a labhair an Tighearna, agus thog mi taigh do ainm an Tighearna, Dia Israeil.

A chùm rid òglach Daibhidh m’athair an nì a labhair thu ris; oir labhair thu led bheul, agus led làimh choilean thu, mar air an là‑an‑diugh.

Guma beannaichte an Tighearna, a thug suaimhneas da shluagh Israel, a rèir nan uile nithean a labhair e: cha do thuit aon fhacal gu làr de a bhriathran matha uile, a labhair e le làimh Mhaois, a òglach fhèin.

Agus fhuair thu a chridhe fìrinneach ad fhianais, agus rinn thu coicheangal ris gun tugadh tu tìr nan Canàanach, nan Hiteach, nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Iebusach, agus nan Girgasach, gun tugadh tu seo da shliochd; agus choilean thu do bhriathran, oir tha thu ceart:

Dh’fhoillsich mi na ciad nithean o thùs; agus om bheul chaidh iad a‑mach, agus chuir mi an cèill iad; gu h‑obann dh’obraich mi, agus thàinig iad gu crìch.

Cha duine Dia, gun dèanadh e breug; no mac duine, gun gabhadh e aithreachas: an dubhairt e, agus nach dèan e? Agus an do labhair e agus nach coilean e e?

Tha Dia fìrinneach, leis an do ghairmeadh sibh a‑chum co‑chomann a mhic, Iosa Crìosd ar Tighearna.

Is fìrinneach an Tì a tha gur gairm, neach mar an ceudna a nì e.

Ann an dòchas na beatha maireannaich a gheall Dia, do nach comasach breug a dhèanamh, ro chruthachadh an t‑saoghail;

A‑chum tre dhà nì neo-chaochlaideach, anns an robh e eu‑comasach gun dèanadh Dia breug, gum biodh againne comhfhurtachd làidir, a theich a‑chum dìdein gu greim a dhèanamh air an dòchas a chuireadh romhainn:

Agus dh’fhàs Samuel suas, agus bha an Tighearna maille ris, agus cha do leig e do aon air bith de a fhacail tuiteam a dh’ionnsaigh an làir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan