De na Hebronaich, b’e Ieriah ceann nan Hebronach a rèir ginealaichean a athraichean. Anns an dà‑fhicheadamh bliadhna de rìoghachadh Dhaibhidh dh’iarradh iad, agus fhuaireadh nam measg daoine treuna ann an Iaser Ghilead.
Guilidh mi air do shon, O fhìonain Shibmah; sgaoil do mheanglain thar an fhairge, ràinig iad gu ruig fairge Iaseir; air do mheas-samhraidh, agus air d’fhìon-fhogharadh bhuail am fear-millidh.
A‑nis bha aig cloinn Reubein agus cloinn Ghad ro‑mhòran sprèidhe: agus nuair a chunnaic iad fearann Iaseir, agus fearann Ghilead, feuch bha an t‑àite na àite sprèidhe:
Agus uile bhailtean a’ chòmhnaird, agus uile rìoghachd Shihoin, rìgh nan Amorach, a rìghich ann an Hesbon, a bhuail Maois maille ri ceannardan Mhidiain, Ebhi, agus Recem, agus Sur, agus Hur, agus Rebah, cinn-fheadhna Shihoin, a bha a chòmhnaidh anns an tìr.
Mar sin b’iad na bailtean uile airson chloinn Mherari, a rèir an teaghlaichean, a mhair de theaghlaichean nan Lèbhitheach, a rèir an crannchuir, dà‑bhaile-dheug.