Agus cha leigeadh Sihon le Israel dol tro a chrìch: agus chruinnich Sihon a shluagh uile ri chèile, agus chaidh e a‑mach an aghaidh Israeil don fhàsach: agus thàinig e gu Iahas, agus chog e an aghaidh Israeil.
Eadhon Beser anns an fhàsach, ann an dùthaich a’ chòmhnaird, de na Reubenich; agus Ramot ann an Gilead, de na Gadaich; agus Golan ann am Basan, de na Manasaich.
Agus air taobh eile Iòrdain, làimh ri Iericho air an làimh an ear, shònraich iad Beser anns an fhàsach air a’ chòmhnard à treubh Reubein, agus Ramot ann an Gilead à treubh Ghad, agus Golan ann am Basan à treubh Mhanaseh.