Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 21:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus à treubh Naphtali, Cedes ann an Galilee le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Hamot-dor le a fhearann co‑roinn, agus Cartan le a fhearann co‑roinn: trì bailtean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus o threubh Naphtali: Cedes ann an Galilee le a fhearann co‑roinn, agus Hamon le a fhearann co‑roinn, agus Ciriataim le a fhearann co‑roinn.

Rìgh Chedeis, aon; rìgh Iocneaim o Charmel, aon;

Agus is iad na mòr-bhailtean daingnichte Sidim, Ser, agus Hamat, Racat, agus Cineret,

Agus Cedes, agus Edrei, agus En‑hasor,

Agus chuir iad air leth Cedes ann an Galilee ann an sliabh Naphtali, agus Sechem ann an sliabh Ephraim, agus Ciriat-arba (eadhon Hebron), ann an sliabh Iùdah.

Helcat le a fhearann co‑roinn, agus Rehob le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.

B’iad uile bhailtean nan Gersonach a rèir an teaghlaichean, trì-bailtean-deug lem fearann co‑roinn.

Agus chuir i fios, agus ghairm i Barac, mac Abinoaim, a‑mach à Cedes-naphtali, agus thubhairt i ris, Nach d’àithn an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, Imich, agus tarraing gu sliabh Thaboir, agus thoir leat deich mìle fear de chloinn Naphtali, agus de chloinn Shebuluin;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan