Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 21:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug clann Israeil do na Lèbhithich, as an oighreachd, air àithne an Tighearna, na bailtean seo agus am fearann co‑roinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Mallaichte gu robh an corraich, oir bha i garg; agus am fearg, oir bha i an‑iochdmhor: roinnidh mi iad ann an Iàcob, agus sgaoilidh mi iad ann an Israel.

Mar seo is iad na bailtean sin uile a bheir sibh do na Lèbhithich, ochd agus dà‑fhichead baile: iad sin bheir sibh seachad agus am fearann co‑roinn.

Agus labhair iad riu aig Siloh ann an tìr Chanàain, ag ràdh, Dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois bailtean a thoirt dhuinn gu còmhnaidh a ghabhail annta, lem fearann co‑roinn dar sprèidh.

Agus thàinig an crannchur a‑mach airson teaghlaichean nan Cohatach; agus bha aig cloinn Aaroin, an sagart, a bha de na Lèbhitich, le crannchur à treubh Iùdah, agus à treubh Shimeoin, agus à treubh Bheniàmin, trì-bailtean-deug.

B’iad uile bhailtean nan Lèbhitheach, an taobh a‑staigh de sheilbh chloinn Israeil, ochd bailtean agus dà‑fhichead lem fearann co‑roinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan