Agus chlaoidh an Tighearna iad ro Israel, agus mharbh e iad le àr mòr aig Gibeon, agus chuir e an ruaig orra rathad uchdach Bhet-horoin, agus bhuail e iad gu Hasecah, agus gu Macedah.
Agus a’ gabhail sìos a làimh na h‑àird an iar gu crìch Iaphleti, gu crìch Bhet-horoin ìochdaraich, agus gu Gèser: agus tha a dhol a‑mach aig an fhairge.
Agus bha crìoch chloinn Ephraim, a rèir an teaghlaichean, mar seo: b’i eadhon crìoch an oighreachd air an làimh an ear Atarot-adar, gu Bet-horon uachdarach: