Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 21:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir thug iad dhaibh Sechem le a fhearann co‑roinn ann an sliabh Ephraim, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Gèser le a fhearann co‑roinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus cheannaich e mìr fearainn, far an do shuidhich e a bhùth, o làimh clann Hamoir athair Shecheim, air ceud bonn airgid.

Agus rinn Daibhidh mar sin, mar a dh’àithn an Tighearna dha: agus bhuail e na Philistich o Theba gus an tig thu gu Gaser.

Agus chaidh Rehobòam do Shechem: oir thàinig Israel uile gu Sechem ga dhèanamh na rìgh.

Agus thug iad dhaibh de na bailtean-dìdein, Sechem ann an sliabh Ephraim, le a fhearann co‑roinn: Gèser mar an ceudna le a fhearann co‑roinn,

An sin thàinig Horam rìgh Ghèseir a‑nìos a chuideachadh Lachis; agus bhuail Iosua e agus a shluagh, gus nach d’fhàg e aon air bith beò aige.

Agus cha d’fhògair iad a‑mach na Canàanaich a bha a chòmhnaidh ann an Gèser: ach tha na Canàanaich nan còmhnaidh am measg nan Ephraimeach gus an là‑an‑diugh; agus tha iad a’ dèanamh seirbhis dhaibh fo chìs.

Agus chuir iad air leth Cedes ann an Galilee ann an sliabh Naphtali, agus Sechem ann an sliabh Ephraim, agus Ciriat-arba (eadhon Hebron), ann an sliabh Iùdah.

Agus Cibsaim le a fhearann co‑roinn, agus Bet-horon le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.

Agus bha duine de shliabh Ephraim, dom b’ainm Micah.

Agus chaidh Abimelech mac Ierubàail do Shechem, gu bràithrean a mhàthar, agus labhair e riu, agus ri teaghlach taigh athair a mhàthar uile, ag ràdh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan