Agus bha aig teaghlaichean chloinn Chohait, na Lèbhithich, a mhair de chloinn Chohait, eadhon acasan, bailtean an crannchuir à treubh Ephraim.
Buci a mhac-san, Udsi a mhac-san, Serahiah a mhac-san,
Agus bha aig a’ chuid eile de theaghlaichean mhac Chohait bailtean an crìch o threubh Ephraim.
B’iad uile bhailtean chloinn Aaroin, na sagartan, trì-bailtean-deug lem fearann co‑roinn.
Agus bha aig a’ chuid eile de chloinn Chohait le crannchur à teaghlaichean treubh Ephraim, agus à treubh Dhain, agus à leth-threubh Mhanaseh, deich bailtean.