Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 21:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair iad riu aig Siloh ann an tìr Chanàain, ag ràdh, Dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois bailtean a thoirt dhuinn gu còmhnaidh a ghabhail annta, lem fearann co‑roinn dar sprèidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Gidheadh, bailtean nan Lèbhitheach, agus taighean bailtean an seilbhe, faodaidh na Lèbhithich am fuasgladh uair sam bith.

No màla a‑chum ur turais, no dà chòta, no brògan, no bataichean: (oir is airidh am fear-obrach air a lòn).

Co‑roinneadh an neach a tha air a theagasg anns an fhacal ris an neach a tha ga theagasg, anns na h‑uile nithean matha.

Mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn clann Israeil, agus roinn iad am fearann.

Agus chruinnich coitheanal chloinn Israeil uile an ceann a chèile aig Siloh, agus chuir iad suas pàillean a’ choitheanail an sin, agus cheannsaicheadh an tìr romhpa.

Agus thug clann Israeil do na Lèbhithich, as an oighreachd, air àithne an Tighearna, na bailtean seo agus am fearann co‑roinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan