An sin thug rìgh Asa gairm air feadh Iùdah uile (cha robh neach air bith saor), agus thug iad leo clachan Ramah, agus a fhiodh, leis an do thog Baasa e; agus thog rìgh Asa leo Gebha Bheniàmin, agus Mispah.
Agus thug e a‑mach na sagartan uile à bailtean Iùdah, agus thruaill e na h‑àitean àrda far an do loisg na sagartan tùis, o Gheba gu Beer-sèba, agus bhris e sìos àitean àrda nan geatachan, a bha ann an dol a‑steach geata Iosua, uachdaran a’ bhaile, a bha air làimh chlì duine ann an geata a’ bhaile.
Agus o threubh Bheniàmin; Geba le a fhearann co‑roinn, agus Alemet le a fhearann co‑roinn, agus Anatot le a fhearann co‑roinn. B’iad am bailtean uile, air feadh an teaghlaichean, trì-bailtean-deug.
Agus cuartaichidh e am fearann uile mar chòmhnard, o Gheba gu Rimon, mu dheas de Ierusalem: agus togar suas i, agus àitichear i na h‑ionad, o gheata Bheniàmin gu àite a’ chiad gheata, agus gu geata na h‑oisne, agus o thùr Hananeeil gu fìon-amair an rìgh.