Agus chaidh a’ chrìoch mun cuairt o Bhàalah air an làimh an iar gu sliabh Sheir, agus ghabh i thairis gu taobh sliabh Iearim (is e sin Chesalon), air an taobh mu thuath, agus chaidh i sìos gu Bet-semes, agus ghabh i air a h‑aghaidh gu Timnah:
Agus ghabh na mairt an rathad dìreach gu slighe Bhet-semeis; air an rathad mhòr dh’imich iad, a’ geumnaich mar a dh’imich iad, agus cha do thionndaidh iad a lethtaobh a dh’ionnsaigh na làimhe deise no na làimhe clìthe; agus chaidh tighearnan nam Philisteach nan dèidh gu crìch Bhet-semeis.
Agus chì sibh, ma thèid i suas rathad a crìche fhèin gu Bet-semes, an sin rinn e an t‑olc mòr seo oirnn: ach mura tèid, an sin bidh fhios againn nach i a làmh-san a bhuail sinn; is tuiteamas a thàinig oirnn.