Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 21:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug iad dhaibh mòr-bhaile Arba, athair Anaic (eadhon Hebron) ann an sliabh Iùdah, maille ra fhearann co‑roinn mun cuairt air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus fhuair Sàrah bàs ann an Ciriat-arba; is e sin Hebron an tìr Chanàain: agus thàinig Abrahàm a dhèanamh tuiridh airson Shàrah, agus a chaoidh air a son.

Agus thàinig Iàcob a‑chum Isaaic, a athair, do Mhamre, gu baile Arbah, eadhon Hebron, far an robh Abrahàm agus Isaac air chuairt.

Agus an ceann ceithir bliadhna thubhairt Absalom ris an rìgh, Leig dhomh imeachd, guidheam ort, agus mo bhòid a dhìoladh a bhòidich mi don Tighearna ann an Hebron.

Agus thug iad dhaibh Hebron ann an tìr Iùdah, agus a fhearann co‑roinn mun cuairt air.

Agus air èirigh do Mhuire anns na làithean sin, chaidh i le cabhaig do dhùthaich nam beann, gu baile de Iùdah,

Agus b’e ainm Hebroin roimhe Ciriat-arba; bha an t‑Arba seo na dhuine mòr am measg nan Anacach. Agus bha fois aig an tìr o chogadh.

Agus Humtah, agus Ciriat-arbah (is e sin Hebron), agus Sior; naoi bailtean mòra lem bailtean beaga.

A bha aig cloinn Aaroin de theaghlaichean nan Cohatach, muinntir a bha de chloinn Lèbhi: (oir bu leòsan an ciad chrannchur).

Ach fearann a’ mhòr-bhaile, agus a bhailtean beaga, thug iad do Chàleb mac Iephuneh mar a sheilbh.

Agus chaidh Iùdah an aghaidh nan Canàanach a bha a chòmhnaidh ann an Hebron, (a‑nis b’e ainm Hebroin roimhe Ciriat-arba,) agus mharbh iad Sesai, agus Ahiman, agus Talmai.

Agus dhaibhsan a bha ann an Hebron, agus do na h‑àitean a bha ann an Hebron, agus do na h‑àitean sin uile anns am bu ghnàth le Daibhidh agus a dhaoine tathaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan