Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 21:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thàinig cinn athraichean nan Lèbhitheach am fagas do Eleàsar an sagart, agus do Iosua mac Nuin, agus do chinn athraichean treubhan chloinn Israeil;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Mallaichte gu robh an corraich, oir bha i garg; agus am fearg, oir bha i an‑iochdmhor: roinnidh mi iad ann an Iàcob, agus sgaoilidh mi iad ann an Israel.

Is iad seo ceannardan taighean an athraichean: mic Reubein ciad-ghin Israeil: Hanoch, agus Pallu, Hesron, agus Carmi: is iad sin teaghlaichean Reubein.

Agus ghabh Eleàsar mac Aaroin aon de nigheanan Phutieil dha fhèin na mnaoi; agus rug i dha Phinehas: is iad sin ceannardan athraichean nan Lèbhitheach, a rèir an teaghlaichean.

Agus labhair an Tighearna ri Maois ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho, ag ràdh,

Agus bidh na bailtean a bheir sibh seachad de sheilbh chloinn Israeil: uaithesan aig a bheil mòran, bheir sibh mòran; ach uaithesan aig a bheil beagan, bheir sibh beagan: bheir gach aon de a bhailtean do na Lèbhithich, a rèir a oighreachd a tha e a’ sealbhachadh.

Agus is iad seo na dùthchannan a fhuair clann Israeil mar oighreachd ann an tìr Chanàain, a roinn Eleàsar an sagart, agus Iosua mac Nuin, agus cinn-fheadhna athraichean treubhan chloinn Israeil mar oighreachd dhaibh.

Agus thàinig iad am fagas an làthair Eleàsair, an sagart, agus an làthair Iosua mhic Nuin, agus an làthair nan uachdaran, ag ràdh, Dh’àithn an Tighearna do Mhaois oighreachd a thoirt dhuinne am measg ar bràithrean: uime sin a rèir àithne an Tighearna, thug e dhaibh oighreachd am measg bràithrean an athar.

Is iad sin na h‑oighreachdan a roinn Eleàsar an sagart, agus Iosua mac Nuin, agus cinn athraichean treubhan chloinn Israeil, mar oighreachd le crannchur, ann an Siloh an làthair an Tighearna, aig doras pàillean a’ choitheanail. Mar sin chuir iad crìoch air an fhearann a roinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan