Agus chuir iad air leth Cedes ann an Galilee ann an sliabh Naphtali, agus Sechem ann an sliabh Ephraim, agus Ciriat-arba (eadhon Hebron), ann an sliabh Iùdah.
Agus fhuair Sàrah bàs ann an Ciriat-arba; is e sin Hebron an tìr Chanàain: agus thàinig Abrahàm a dhèanamh tuiridh airson Shàrah, agus a chaoidh air a son.
Agus am measg nam bailtean a bheir sibh do na Lèbhithich bidh sia bailtean a‑chum dìdein, a dh’òrdaicheas sibh air a shon-san a mharbhas duine, a‑chum is gun teich e an sin: agus riùsan cuiridh sibh dà bhaile is dà‑fhichead.
Ma bheir thu an aire na h‑àitheantan sin uile a dhèanamh, a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh, an Tighearna do Dhia a ghràdhachadh, agus gluasad a‑ghnàth na shlighean; an sin cuiridh tu air leth dhut fhèin trì bailtean eile a thuilleadh air na trì sin;
Agus do Chàleb mac Iephuneh, thug e roinn am measg chloinn Iùdah, a rèir àithne an Tighearna do Iosua, eadhon baile Arbah, athair Anaic: (is e sin Hebron).
Agus air taobh eile Iòrdain, làimh ri Iericho air an làimh an ear, shònraich iad Beser anns an fhàsach air a’ chòmhnard à treubh Reubein, agus Ramot ann an Gilead à treubh Ghad, agus Golan ann am Basan à treubh Mhanaseh.
Mar seo thug iad do chloinn Aaroin, an sagart, Hebron maille ra fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche, agus Libnah le a fhearann co‑roinn.
Agus à treubh Naphtali, Cedes ann an Galilee le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Hamot-dor le a fhearann co‑roinn, agus Cartan le a fhearann co‑roinn: trì bailtean.
Agus chruinnich Iosua treubhan Israeil uile gu Sechem, agus ghairm e air seanairean Israeil, agus air an ceannardan, agus air am britheamhan, agus air an luchd-riaghlaidh; agus nochd iad iad fhèin am fianais Dhè.