Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 20:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a sheasas esan a theicheas a dh’ionnsaigh aon de na bailtean sin, aig dol a‑steach geata a’ bhaile, agus a chuireas e a chùis an cèill ann an cluasan seanairean a’ bhaile sin, gabhaidh iad a‑steach e don bhaile dan ionnsaigh, agus bheir iad àite dha a‑chum gun gabh e còmhnaidh nam measg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Nuair a chaidh mi a‑mach gu geata a’ bhaile, a dheasaich mi m’àite-suidhe anns an t‑sràid!

Is fhad a bhios a mhic o thèarainteachd, agus bruthar iad anns a’ gheata, gun neach ann gu an teasairginn.

Na cruinnich m’anam le peacaich, no mo bheatha le daoine fuileachdach,

Aithnichear anns na geatachan a fear, nuair a shuidheas e maille ri seanairean na tìre.

A‑nis nuair a chuala Ebed-melech an t‑Etiopach, aon de na caillteanaich a bha an taigh an rìgh, gun do chuir iad Ieremiah anns an t‑sloc (agus an rìgh na shuidhe anns an àm sin ann an geata Bheniàmin),

A‑chum tre dhà nì neo-chaochlaideach, anns an robh e eu‑comasach gun dèanadh Dia breug, gum biodh againne comhfhurtachd làidir, a theich a‑chum dìdein gu greim a dhèanamh air an dòchas a chuireadh romhainn:

A‑chum gun teich am marbhaiche, a mharbhas neach ann an aineolas agus gun fhios dha, an sin: agus bidh iad nan dìdein dhuibh o dhìoghaltair na fala.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan