An sin thubhairt ise, Cuimhnicheadh, guidheam ort, an rìgh an Tighearna do Dhia, a‑chum nach bi dìoghaltairean na fala lìonmhor gu sgrios, agus nach marbh iad mo mhac. Agus thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, cha tuit aon ròinneag de fhalt do mhic gu làr.
Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ma pheacaicheas anam trìd aineolais an aghaidh aoin sam bith de àitheantan an Tighearna (a‑thaobh nithean nach bu chòir a dhèanamh) agus gun dèan e nì an aghaidh aoin dhiubh;
Agus bidh iad dhuibh nam bailtean a‑chum dìdein on dìoghaltair; a‑chum nach bàsaich esan a mharbhas duine, gus an seas e an làthair a’ cho-chruinneachaidh ann am breitheanas.
A‑chum tre dhà nì neo-chaochlaideach, anns an robh e eu‑comasach gun dèanadh Dia breug, gum biodh againne comhfhurtachd làidir, a theich a‑chum dìdein gu greim a dhèanamh air an dòchas a chuireadh romhainn:
Agus nuair a sheasas esan a theicheas a dh’ionnsaigh aon de na bailtean sin, aig dol a‑steach geata a’ bhaile, agus a chuireas e a chùis an cèill ann an cluasan seanairean a’ bhaile sin, gabhaidh iad a‑steach e don bhaile dan ionnsaigh, agus bheir iad àite dha a‑chum gun gabh e còmhnaidh nam measg.