Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 20:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair an Tighearna ri Iosua, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus mura do laigh duine am plaid, ach gun tug Dia thairis ga làimh e, an sin sònraichidh mise àite dhut don teich e.

Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a bhios sibh air teachd thar Iòrdan do thìr Chanàain,

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

Nuair a ghearras an Tighearna do Dhia as na cinnich, aig an robh am fearann a tha an Tighearna do Dhia a’ tabhairt dhut, agus a thig thu nan àite, agus a ghabhas tu còmhnaidh nam bailtean, agus nan taighean;

Is iad sin na h‑oighreachdan a roinn Eleàsar an sagart, agus Iosua mac Nuin, agus cinn athraichean treubhan chloinn Israeil, mar oighreachd le crannchur, ann an Siloh an làthair an Tighearna, aig doras pàillean a’ choitheanail. Mar sin chuir iad crìoch air an fhearann a roinn.

Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Sònraichibh dhuibh fhèin bailtean dìdein, mun do labhair mi ribh le làimh Mhaois;

Agus thubhairt e, Chan ann: ach mar cheannard sluagh an Tighearna tha mi a‑nis air teachd. Agus thuit Iosua air a aghaidh air an talamh, agus rinn e adhradh, agus thubhairt e ris, Ciod a tha mo thighearna ag ràdh ra sheirbhiseach?

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Feuch, thug mi dod làimh Iericho, agus a rìgh, agus na daoine treun ann an neart.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Eirich suas; carson a laigheas tu mar seo air d’aghaidh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan