Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 2:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt i ris na daoine, Tha fhios agam gu bheil an Tighearna air toirt dhuibh na tìre, agus gu bheil ur n‑uamhas air tuiteam oirnne, agus gu bheil luchd-àiteachaidh na tìre uile air leaghadh as le eagal romhaibh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

39 Iomraidhean Croise  

Agus dh’imich iad: agus bha eagal Dhè air na bailtean a bha mun cuairt orra, agus cha do rinn iad tòireachd air mic Iàcoib.

Agus esan mar an ceudna a tha na dhuine treun, aig a bheil a chridhe mar chridhe leòmhainn, leaghaidh e gu tur, oir tha fhios aig Israel uile gur duine treun d’athair, agus gur daoine treuna iadsan a tha maille ris.

Agus thill e a dh’ionnsaigh an duine le Dia, e fhèin agus a chuideachd uile, agus thàinig e, agus sheas e na làthair; agus thubhairt e, Feuch, a‑nis tha fhios agam nach eil Dia anns an talamh uile ach ann an Israel: a‑nis, matà, guidheam ort, gabh tìodhlac od sheirbhiseach.

Oir thug an Tighearna air feachd nan Sirianach fuaim charbad a chluinntinn, agus fuaim each, eadhon fuaim slòigh mhòir: agus thubhairt iad gach fear ri chèile, Feuch, thuarasdalaich rìgh Israeil nar n‑aghaidh rìghrean nan Hiteach, agus rìghrean nan Eiphiteach, gu teachd oirnn.

Agus nuair a chuala ar naimhdean uile e, agus a chunnaic na cinnich uile a bha mun cuairt dhuinn e, thilgeadh sìos gu mòr iad nan sùilean fhèin; oir dh’aithnich iad gum b’ann le ar Dia-ne a rinneadh an obair seo.

Agus anns gach mòr-roinn, agus anns gach baile, ge bè àite don tàinig àithne an rìgh agus a òrdagh, bha aoibhneas agus gàirdeachas aig na h‑Iùdhaich, cuirm, agus là math. Agus dh’fhàs mòran de shluagh na tìre nan Iùdhaich: oir thuit eagal nan Iùdhach orra.

Oir tha fhios agam gu bheil m’fhear-saoraidh beò, agus mu dheireadh gun seas e air an talamh:

Chì an droch dhuine, agus bidh fearg air; casaidh e a fhiaclan, agus seargaidh e as; sgriosar miann nan aingidh.

Is leis an Tighearna na nèamhan, eadhon na nèamhan; ach an talamh thug e do chloinn nan daoine.

A‑nis, tha fhios agam gur mò an Tighearna na na h‑uile dhiathan; oir anns an nì sin anns an do rinn iad gu h‑uaibhreach, bha esan os an cionn.

Cuiridh mi m’eagal romhad, agus sgriosaidh mi an sluagh uile a dh’ionnsaigh an tèid thu, agus bheir mi air do naimhdean gu lèir an cùl a thionndadh riut.

Ged nì peacach olc ceud uair, agus gun sìnear a làithean, gidheadh tha fios cinnteach agam gun èirich gu math dhaibhsan air am bi eagal Dhè, air am bi eagal na làthair.

Trom-eallach na h‑Eiphit. Feuch tha an Tighearna a’ marcachd air neul luath, agus a’ teachd don Eiphit; agus bidh iodhalan na h‑Eiphit air an gluasad na fhianais; agus leaghaidh cridhe na h‑Eiphit na meadhon.

Mar a bha nuair a chualas sgeul mun Eiphit, mar sin bidh iad fo àmhghar ri cluinntinn sgeòil mu Thìrus.

Rinn mise an talamh, an duine agus an t‑ainmhidh a tha air aghaidh na talmhainn, lem mhòr-chumhachd, agus lem ghàirdean sìnte a‑mach; agus cò air bith dom facas iomchaidh leam a thabhairt, dhàsan thug mi e.

Tha i falamh, agus faoin, agus fàs, agus tha an cridhe a’ leaghadh, agus na glùinean a’ bualadh air a chèile; agus tha mòran cràidh anns na h‑uile leasraidh; agus tha an aghaidhean gu lèir a’ tional dorchadais.

Agus chuir Maois teachdairean o Chadeis gu rìgh Edoim, Mar seo tha do bhràthair Israel ag ràdh, Tha fhios agad air an t‑saothair sin uile a thàinig oirnne;

Cruinnichear Aaron a‑chum a shluaigh; oir cha tèid e a‑steach don fhearann a thug mise do chloinn Israeil, a chionn gu robh sibh ceannairceach an aghaidh m’fhacail-sa aig uisge Mheribah.

Nach eil e ceadaichte dhòmhsa an nì as àill leam a dhèanamh rim chuid fhèin? A bheil do shùil-sa olc, airson gu bheil mise math?

Cha seas duine nur n‑aghaidh; air gach fearann air an saltair sibh, cuiridh an Tighearna ur Dia eagal agus geilt-chrith romhaibh, a rèir mar a thubhairt e ribh.

Air an là‑an‑diugh tòisichidh mi air d’uamhann-sa agus d’eagal a chur air na cinnich a tha fo nèamh uile, a chluinneas iomradh ort: agus criothnaichidh iad, agus bidh cràdh orra ad làthair.

Agus chì uile chinnich na talmhainn gun goirear ainm an Tighearna ort, agus bidh eagal orra romhad.

Nuair a roinn an Tì as ro‑àirde do na cinnich an oighreachd, nuair a sgar e mic Adhaimh o chèile, shuidhich e crìochan nan sluagh a rèir àireamh chloinn Israeil:

Is ann tre chreideamh nach do sgriosadh Rahab, an strìopach, maille riùsan nach do chreid, nuair a ghabh i ris an luchd-brathaidh ann an sìth.

Agus cho luath is a chuala sinne na nithean sin, leagh ar cridheachan, agus cha d’fhan tuilleadh a’ bheag de mhisnich ann an duine sam bith air ur son-se: oir an Tighearna ur Dia, is esan Dia anns na nèamhan shuas, agus air an talamh a‑bhos.

Agus thubhairt iad ri Iosua, Gu fìrinneach thug an Tighearna thairis dar làimh am fearann uile: oir tha eadhon luchd-àiteachaidh na tìre uile air leaghadh far comhair.

Agus mun robh iad air laighe sìos, chaidh i suas dan ionnsaigh air mullach an taighe;

Agus nuair a chuala uile rìghrean nan Amorach, a bha air an taobh thall de Iòrdan a làimh na h‑àird an iar, agus uile rìghrean nan Canàanach, a bha làimh ris an fhairge, gun do thiormaich an Tighearna suas uisgeachan Iòrdain ro chloinn Israeil, gus an deachaidh sinn thairis, leagh an cridhe, agus cha robh spiorad tuilleadh annta, airson chloinn Israeil.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Feuch, thug mi dod làimh Iericho, agus a rìgh, agus na daoine treun ann an neart.

Agus gach nì a rinn e ri dà rìgh nan Amorach, a bha an taobh thall de Iòrdan, ri Sihon rìgh Hesboin, agus ri Og rìgh Bhasain, a bha aig Astarot;

Agus fhreagair iad Iosua, agus thubhairt iad, Do bhrìgh gun d’innseadh gu cinnteach dod sheirbhisich cionnas a dh’àithn an Tighearna do Dhia da òglach Maois am fearann uile a thoirt dhuibh, agus luchd-àiteachaidh na tìre uile a sgrios romhaibh, uime sin bha eagal mòr ar n‑anaman oirnn romhaibh, agus rinn sinn an nì seo.

Agus thubhairt iad ris, O dhùthaich ro‑fhada air astar thàinig do sheirbhisich, air sgàth ainm an Tighearna do Dhia: oir chuala sinn a iomradh-san, agus gach nì a rinn e anns an Eiphit,

Agus fhreagair a chompanach, agus thubhairt e, Cha nì sam bith seo ach claidheamh Ghideoin mhic Iòais, duine de Israel: thug Dia thairis da làimh-san Midian, agus an sluagh uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan