Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 2:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus lean na daoine air an tòir anns an t‑slighe gu Iòrdan, gu ruig na h‑àthan; agus cho luath is a chaidh a’ mhuinntir a bha air an tòir a‑mach, dhruid iad an geata.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Ag ràdh, Fhuair sinne gu fìrinneach am prìosan dùinte gu ro‑thèarainte, agus an luchd-coimhead nan seasamh a‑mach fa chomhair nan dorsan; ach nuair a dh’fhosgail sinn, cha d’fhuair sinn aon duine a‑staigh.

Agus thachair mu àm druideadh a’ gheata, nuair a bha e dorcha, gun deachaidh na daoine a‑mach: càit an deachaidh na daoine, chan fhios dhomh: leanaibh gu luath air an tòir, oir beiridh sibh orra.

Ach bha i air an toirt suas gu mullach an taighe, agus air am falach le cuiseagan an lìn, a leag i an òrdagh air mullach an taighe.

Agus mun robh iad air laighe sìos, chaidh i suas dan ionnsaigh air mullach an taighe;

Agus ghlac na Gileadaich àthan Iòrdain air na h‑Ephraimich: agus nuair a thubhairt na h‑Ephraimich sin a chaidh as, Leig dhomh dol thairis, thubhairt fir Ghilead ris, An Ephraimeach thu? Ma thubhairt esan, Chan eadh;

Agus thubhairt e riu, Leanaibh mise; oir thug an Tighearna ur naimhdean, na Mòabaich, thairis dur làimh. Agus chaidh iad sìos na dhèidh, agus ghlac iad àthan Iòrdain leth ri Mòab, agus cha do leig iad duine thairis.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan