Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 2:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach bha i air an toirt suas gu mullach an taighe, agus air am falach le cuiseagan an lìn, a leag i an òrdagh air mullach an taighe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus thachair e mu fheasgar gun d’èirich Daibhidh bhàrr a leapa, agus gu robh e a’ spaisdearachd air mullach taigh an rìgh: agus on mhullach chunnaic e bean ga nighe fhèin: agus bha a’ bhean ro‑mhaiseach ri sealltainn oirre.

Agus ghabh a’ bhean còmhdach agus sgaoil i e air beul an tobair, agus chuir i gràn meilte air; agus cha d’aithnicheadh an nì.

Nach d’innseadh dom thighearna ciod a rinn mi nuair a mharbh Iesebel fàidhean an Tighearna, mar a dh’fhalaich mi ceud fear de fhàidhean an Tighearna nan lethcheudan ann an uaimh, agus a bheathaich mi iad le aran agus le uisge?

Oir nuair a thug Iesebel fa‑near fàidhean an Tighearna a ghearradh as, ghabh Obadiah ceud fàidh, agus dh’fhalaich e iad nan lethcheudan ann an uaimh, agus bheathaich e iad le aran agus uisge:)

Ach ghabh Iehoseba, nighean rìgh Ioraim, piuthar Ahasiah, Iòas mac Ahasiah, agus ghoid i e à measg mic an rìgh a mharbhadh, agus chuir i e fhèin agus a bhanaltram ann an seòmar nan leapaichean: agus dh’fhalaich iad e o Ataliah air chor is nach do mharbhadh e,

Agus dh’fhàs a’ bhean torrach, agus rug i mac: agus nuair a chunnaic i gu robh e na leanabh tlachdmhor, dh’fhalaich i e rè trì mìosan.

Agus dh’àithn an rìgh do Ierahmeel mac Hameleich, agus do Sheraiah mac Asrieil, agus do Shelemiah mac Abdeeil, Baruch an sgrìobhaiche agus Ieremiah am fàidh a ghlacadh: ach dh’fhalaich an Tighearna iad.

An tì a tha air mullach an taighe, na tigeadh e a‑nuas a thabhairt nì sam bith leis as a thaigh:

Nuair a thogas tu taigh nodha, an sin togaidh tu bàrr-bhalla da mhullach, a‑chum nach toir thu fuil air do thaigh, ma thuiteas duine sam bith o sin.

Oir tha sibh marbh, agus tha ur beatha falaichte maille ri Crìosd ann an Dia.

Tre chreideamh nuair a rugadh Maois, dh’fhalaicheadh e trì mìosan le a phàrantan, do bhrìgh gum faca iad gum bu leanabh tlachdmhor e; agus cha robh eagal orra ro àithne an rìgh.

Amhail sin mar an ceudna, nach robh Rahab an strìopach air a fìreanachadh le obraichean, nuair a ghabh i ris na teachdairean, agus a chuir i a‑mach air slighe eile iad?

Agus thachair mu àm druideadh a’ gheata, nuair a bha e dorcha, gun deachaidh na daoine a‑mach: càit an deachaidh na daoine, chan fhios dhomh: leanaibh gu luath air an tòir, oir beiridh sibh orra.

Agus lean na daoine air an tòir anns an t‑slighe gu Iòrdan, gu ruig na h‑àthan; agus cho luath is a chaidh a’ mhuinntir a bha air an tòir a‑mach, dhruid iad an geata.

Agus mun robh iad air laighe sìos, chaidh i suas dan ionnsaigh air mullach an taighe;

Agus ghlèidh Iosua Rahab an strìopach beò, agus teaghlach a h‑athar, agus gach nì a bha aice: agus tha i na còmhnaidh ann an Israel gus an là‑an‑diugh, a chionn gun d’fhalaich i na teachdairean a chuir Iosua a rannsachadh a‑mach Iericho.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan