Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 2:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thachair mu àm druideadh a’ gheata, nuair a bha e dorcha, gun deachaidh na daoine a‑mach: càit an deachaidh na daoine, chan fhios dhomh: leanaibh gu luath air an tòir, oir beiridh sibh orra.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thòisich geatachan Ierusaleim air a bhith dorcha ron t‑sàbaid, dh’àithn mi, agus dhruideadh na còmhlachan; agus dh’àithn mi nach biodh iad air am fosgladh gus an dèidh na sàbaid: agus cuid dem òglaich shuidhich mi aig na geatachan, a‑chum nach tigeadh eallach a‑steach air là na sàbaid.

Agus bidh do gheatachan fosgailte an còmhnaidh; a là agus a dh’oidhche cha druidear iad; a‑chum gun toirear ad ionnsaigh mòr-shluagh nan cinneach, agus an rìghrean le greadhnachas.

Agus anns an àm sin, deir an Tighearna, iarrar aingidheachd Israeil, agus cha bhi i ann; agus lochdan Iùdah, ach cha bhi iad rim faotainn: oir bheir mise maitheanas dhaibh sin a chaomhaineas mi.

Agus air taobh na h‑aibhne, air a bruaich, air an taobh seo, agus air an taobh eile, fàsaidh na h‑uile chraobhan airson bìdh, aig nach bi an duilleach air seargadh, no an toradh air a chaitheamh: bheir e a‑mach toradh nuadh a rèir a mhìosan, do bhrìgh gun do shruth uisgeachan a‑mach on ionad naomh; agus bidh a thoradh airson bìdh, agus a dhuilleach airson leighis.

Agus ghabh a’ bhean an dithis dhaoine, agus dh’fhalaich i iad, agus thubhairt i mar seo, Thàinig gun amharas daoine am ionnsaigh, ach cha robh fhios agam cia as a thàinig iad:

Ach bha i air an toirt suas gu mullach an taighe, agus air am falach le cuiseagan an lìn, a leag i an òrdagh air mullach an taighe.

Agus lean na daoine air an tòir anns an t‑slighe gu Iòrdan, gu ruig na h‑àthan; agus cho luath is a chaidh a’ mhuinntir a bha air an tòir a‑mach, dhruid iad an geata.

Agus cha dùinear a gheatachan anns an là: oir cha bhi oidhche an sin.

Agus nuair a chuir Saul teachdairean a ghlacadh Dhaibhidh, thubhairt i, Tha e tinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan