Agus chuir rìgh Iericho teachdaire gu Rahab, ag ràdh, Thoir a‑mach na daoine a thàinig ad ionnsaigh, a chaidh a‑steach dod thaigh: oir is ann a rannsachadh a‑mach na tìre uile a thàinig iad.
Agus beul ri trì mìosan an dèidh sin, dh’innseadh do Iùdah, ag ràdh, Rinn Tàmar, bean do mhic, strìopachas; agus, feuch, cuideachd, tha i torrach le strìopachas. Agus thubhairt Iùdah, Thugaibh a‑mach i, agus loisgear i.
Agus thubhairt ceannardan chloinn Amoin ri Hanun, an tighearna, An saoil thu gur ann a‑chum urram a thabhairt dod athair a chuir Daibhidh ad ionnsaigh luchd-sòlais? Nach ann a rannsachadh a’ bhaile, agus a ghabhail beachd air, agus ga sgrios, a chuir Daibhidh a sheirbhisich ad ionnsaigh?
Agus nuair a thàinig seirbhisich Absaloim a dh’ionnsaigh na mnà don taigh, thubhairt iad, Càit a bheil Ahimaas agus Ionatan? Agus thubhairt a’ bhean riu, Chaidh iad thairis air an t‑sruthan uisge. Agus nuair a dh’iarr iad, agus nach d’fhuair iad, thill iad gu Ierusalem.
Ach thubhairt ceannardan chloinn Amoin ri Hanun, An saoil thusa gur ann a‑chum urram a thabhairt dod athair a chuir Daibhidh ad ionnsaigh luchd-comhfhurtachd? Nach ann a rannsachadh, agus a ghabhail beachd air an fhearann, agus ga sgrios, a thàinig a sheirbhisich ad ionnsaigh?
Thoir a‑mach esan a mhallaich an taobh a‑muigh den champ, agus cuireadh iadsan uile a chuala e an làmhan air a cheann, agus clachadh an co‑chruinneachadh uile e.
An sin chaidh Pilat a‑mach a‑rìs, agus thubhairt e riu, Feuch, tha mi ga thoirt a‑mach dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi fhios agaibh nach eil mise a’ faotainn coire sam bith ann.
Agus ghlac e agus chuir e ann am prìosan e, agus thug e e ra ghleidheadh do cheithir cheathrar shaighdearan, fo rùn a thoirt a‑mach don t‑sluagh an dèidh na càisge.
Agus nuair a b’àill le Herod a thoirt a‑mach, anns an oidhche sin fhèin bha Peadar na chadal eadar dithis shaighdearan, ceangailte le dà shlabhraidh: agus bha an luchd-faire fa chomhair an dorais a’ coimhead a’ phrìosain.
Agus rinn iad mar sin, agus thug iad a‑mach na còig rìghrean ud da ionnsaigh as an uaimh, rìgh Ierusaleim, rìgh Hebroin, rìgh Iarmuit, rìgh Lachis, agus rìgh Egloin.
Agus ghabh a’ bhean an dithis dhaoine, agus dh’fhalaich i iad, agus thubhairt i mar seo, Thàinig gun amharas daoine am ionnsaigh, ach cha robh fhios agam cia as a thàinig iad:
A‑rìs thubhairt e rithe, Seas ann an doras a’ bhùtha, agus ma thig duine agus gum feòraich e dhìot, agus gun abair e, A bheil duine sam bith an seo? An sin their thusa, Chan eil.