Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 2:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt iad ri Iosua, Gu fìrinneach thug an Tighearna thairis dar làimh am fearann uile: oir tha eadhon luchd-àiteachaidh na tìre uile air leaghadh far comhair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

An sin bidh uamhann air cinn-fheadhna Edoim, thig geilt-chrith air daoine treuna Mhòaib; leaghaidh air falbh luchd-àiteachaidh Chanàain uile.

Agus suidhichidh mi do chrìochan on mhuir ruaidh eadhon gu ruig fairge nam Philisteach, agus on fhàsach gu ruig an abhainn: oir bheir mi thairis nur làimh luchd-àiteachaidh na tìre; agus tilgidh tu a‑mach iad as do làthair.

Mar fhuachd sneachda ann an àm an fhogharaidh, tha teachdaire dìleas dhaibhsan a chuireas uapa e; oir ath-bheothaichidh e anam a mhaighistir.

Cha tèid leabhar an lagha seo as do bheul; ach beachd-smaoinichidh tu air a là agus a dh’oidhche, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir gach nì a tha sgrìobhte ann: oir an sin bheir thu air do shlighe soirbheachadh leat, agus an sin nì thu gu glic.

Mar sin thill an dithis dhaoine, agus chaidh iad sìos on mhonadh, agus chaidh iad thairis, agus thàinig iad gu Iosua mac Nuin, agus dh’innis iad dha gach nì a thachair dhaibh.

Agus nuair a chuala uile rìghrean nan Amorach, a bha air an taobh thall de Iòrdan a làimh na h‑àird an iar, agus uile rìghrean nan Canàanach, a bha làimh ris an fhairge, gun do thiormaich an Tighearna suas uisgeachan Iòrdain ro chloinn Israeil, gus an deachaidh sinn thairis, leagh an cridhe, agus cha robh spiorad tuilleadh annta, airson chloinn Israeil.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Feuch, thug mi dod làimh Iericho, agus a rìgh, agus na daoine treun ann an neart.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na gabh eagal, agus na bi fo gheilt; gabh an sluagh-cogaidh uile maille riut, agus èirich, imich suas gu Ai: feuch, thug mi thairis dod làimh rìgh Ai, agus a shluagh, agus a bhaile, agus a fhearann.

Agus thubhairt an Tighearna, Thèid Iùdah suas: feuch, thug mi an tìr thairis da làimh.

Nuair a thèid sibh, thig sibh a‑steach a dh’ionnsaigh sluaigh neo-umhailich, agus do thìr ro‑fharsaing; oir thug Dia thairis dur làimh i; àit anns nach eil uireasbhaidh nì air bith a tha air an talamh.

Agus air an oidhche sin fhèin thubhairt an Tighearna ris, Eirich, falbh sìos a dh’ionnsaigh an fheachd, oir thug mise thairis e dod làimh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan