Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 2:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhalbh iad, agus thàinig iad don mhonadh, agus dh’fhan iad an sin trì làithean, gus an do thill an luchd-tòrachd. Agus dh’iarr an luchd-tòrachd iad air feadh na slighe uile, ach cha d’fhuair iad iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thàinig seirbhisich Absaloim a dh’ionnsaigh na mnà don taigh, thubhairt iad, Càit a bheil Ahimaas agus Ionatan? Agus thubhairt a’ bhean riu, Chaidh iad thairis air an t‑sruthan uisge. Agus nuair a dh’iarr iad, agus nach d’fhuair iad, thill iad gu Ierusalem.

Agus thubhairt ise, A rèir ur briathran mar sin biodh e. Agus chuir i air falbh iad, agus dh’imich iad: agus cheangail i an stìom sgàrlaid anns an uinneig.

Mar sin thill an dithis dhaoine, agus chaidh iad sìos on mhonadh, agus chaidh iad thairis, agus thàinig iad gu Iosua mac Nuin, agus dh’innis iad dha gach nì a thachair dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan