Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 2:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’innseadh do rìgh Iericho, ag ràdh, Feuch, thàinig daoine an seo a‑nochd, de chloinn Israeil, a rannsachadh a‑mach na tìre.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Mura tog an Tighearna an taigh, gu dìomhain saothraichidh a luchd-togail; mura glèidh an Tighearna am baile, gu dìomhain nì am fear-coimhead faire.

Chan eil gliocas, no tuigse, no comhairle ann, an aghaidh an Tighearna.

Eadhon mun robh là ann, is mi E; agus chan eil neach ann a theasairgeas as mo làimh; obraichidh mise, agus cò a bhacas e?

Agus tha uile luchd-àiteachaidh na talmhainn air am meas mar neoni: agus nì esan mar as àill leis ann am feachd nèimh, agus am measg luchd-àiteachaidh na talmhainn: agus chan urrainn aon neach a làmh a bhacadh, no a ràdh ris, Ciod a tha thu a’ dèanamh?

Agus chuir Iosua mac Nuin a‑mach à Sitim dithis dhaoine a rannsachadh a‑mach gu h‑uaigneach, ag ràdh, Imichibh, rannsaichibh a‑mach an tìr, agus Iericho: agus dh’imich iad, agus chaidh iad a‑steach do thaigh strìopaich, dom b’ainm Rahab, agus laigh iad an sin.

Agus chuir rìgh Iericho teachdaire gu Rahab, ag ràdh, Thoir a‑mach na daoine a thàinig ad ionnsaigh, a chaidh a‑steach dod thaigh: oir is ann a rannsachadh a‑mach na tìre uile a thàinig iad.

Agus chuir clann Dhain còignear den teaghlach on crìochan, daoine treuna, o Shorah agus o Estaol, a ghabhail beachd air an tìr, agus ga rannsachadh a‑mach; agus thubhairt iad riu, Imichibh, rannsaichibh a‑mach an tìr. Agus thàinig iad gu sliabh Ephraim, gu taigh Mhicah, agus dh’fhan iad an sin rè na h‑oidhche.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan