Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 2:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tàrlaidh, ge bè neach a thèid a‑mach air dorsan do thaighe don t‑sràid, gum bi a fhuil air a cheann fhèin, agus bidh sinne neochiontach: agus ge bè neach a bhios maille riut anns an taigh, bidh a fhuil air ar ceann-ne ma bheanas làmh ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Daibhidh ris, Biodh d’fhuil air do cheann fhèin, oir thug do bheul fianais ad aghaidh, ag ràdh, Mharbh mi aon ungte an Tighearna.

Nach mò gu mòr, nuair a mharbh daoine aingidh duine ionraic na thaigh fhèin air a leabaidh? Agus a‑nis nach iarr mi a fhuil-san air ur làimh-se, agus nach toir mi bhàrr na talmhainn sibh?

Agus tillidh an Tighearna a fhuil air a cheann fhèin, do bhrìgh gun do bhuail e air dithis dhaoine a b’ionraice agus a b’fheàrr na e fhèin, agus gun do mharbh e leis a’ chlaidheamh iad, gun fhios dom athair Daibhidh, eadhon Abner mac Neir, ceannard sluagh Israeil, agus Amasa mac Ieteir, ceannard sluagh Iùdah.

Agus bidh an fhuil dhuibh mar chomharradh air na taighean anns a bheil sibh; agus nuair a chì mise an fhuil, thèid mi thairis oirbh, agus cha bhi a’ phlàigh oirbh a‑chum ur milleadh nuair a bhuaileas mi tìr na h‑Eiphit.

Agus gabhaidh sibh bad hiosoip, agus tumaidh sibh e anns an fhuil a tha anns an t‑soitheach, agus beanaidh sibh don àrd-doras, agus don dà ursainn, leis an fhuil a tha anns an t‑soitheach: agus cha tèid a h‑aon agaibh a‑mach air doras a thaighe gu ruig a’ mhadainn.

Agus thèid an Tighearna thairis a bhualadh nan Eiphiteach; agus nuair a chì e an fhuil air an àrd-doras, agus air an dà ursainn, thèid an Tighearna thairis air an doras, agus cha leig e leis a’ mhilltear teachd a‑steach dur taighean gu ur bualadh.

Agus an duine a laigheas le mnaoi a athar, leig e ris nochd a athar: cuirear gu cinnteach le chèile gu bàs iad; bidh am fuil orra fhèin.

Oir gach neach a mhallaicheas a athair no a mhàthair, cuirear gu cinnteach gu bàs e: mhallaich e athair no a mhàthair; bidh a fhuil air fhèin.

An tì a tha air mullach an taighe, na tigeadh e a‑nuas a thabhairt nì sam bith leis as a thaigh:

Agus nuair a chuir iad na aghaidh, agus a labhair iad toibheum, chrath e a aodach, agus thubhairt e riu, Biodh ur fuil air ur ceann fhèin; tha mise glan: à seo suas thèid mi a‑chum nan Cinneach.

Uime sin tha mi a’ dèanamh fianais dhuibh air an là‑an‑diugh, gu bheil mise glan o fhuil nan uile.

Thubhairt Pòl ris a’ cheannard-ceud, agus ris na saighdearan, Mura fan iad sin anns an luing, chan eil e an comas dhuibh a bhith air ur teasairginn.

Agus gum faighear annsan mi, gun m’fhìreantachd fhèin agam a tha on lagh, ach an fhìreantachd sin a tha tre chreideamh Chrìosd, an fhìreantachd a tha o Dhia tre chreideamh:

Cia mòr as mò na sin am peanas a shaoileas sibh air am measar esan toillteanach, a shaltair fo a chasan Mac Dhè, agus a mheas mar nì mì‑naomh fuil a’ choicheangail, leis an do naomhaicheadh e, agus a rinn tarcais air Spiorad nan gràs?

A‑nis uime sin guidheam oirbh, mionnaichibh dhomh air an Tighearna, a chionn gun do nochd mi coibhneas dhuibh, gun nochd sibhse mar an ceudna coibhneas do thaigh m’athar-sa, agus gun toir sibh dhomh comharradh cinnteach;

Agus fhreagair na daoine i, Ar n‑anam-ne air ur son-se gu bàs, mura foillsich sibh an gnothach seo againn. Agus tàrlaidh, nuair a bheir an Tighearna dhuinn an tìr, gum buin sinn gu coibhneil agus gu fìrinneach riutsa.

Agus ma dh’fhoillsicheas tu an gnothach seo againn, an sin bidh sinne saor od mhionnan a thug thu oirnn a mhionnachadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan