Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 2:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt na daoine rithe, Bidh sinne neochiontach a‑thaobh iad seo do mhionnan a thug thu oirnn a mhionnachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Ach chaomhain an rìgh Mephiboset mac Ionatain mhic Shauil, airson mionnan an Tighearna, a bha eatorra, eadar Daibhidh agus Ionatan mac Shauil.

Na tabhair ainm an Tighearna do Dhia ann an dìomhanas; oir cha mheas an Tighearna neochiontach esan a bheir a ainm ann an dìomhanas.

Ma bhòidicheas duine bòid don Tighearna, no ma mhionnaicheas e mionnan a cheangal a anama le ceangal, cha bhris e a fhacal; a rèir gach nì a thig a‑mach as a bheul, nì e.

Feuch, nuair a thig sinn don tìr, ceanglaidh tu an stìom seo de shnàth sgàrlaid anns an uinneig tron do leig thu sìos sinn: agus bheir thu d’athair, agus do mhàthair, agus do bhràithrean, agus teaghlach d’athar uile, dhachaigh ad ionnsaigh.

Agus ma dh’fhoillsicheas tu an gnothach seo againn, an sin bidh sinne saor od mhionnan a thug thu oirnn a mhionnachadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan