Agus fhreagair na daoine i, Ar n‑anam-ne air ur son-se gu bàs, mura foillsich sibh an gnothach seo againn. Agus tàrlaidh, nuair a bheir an Tighearna dhuinn an tìr, gum buin sinn gu coibhneil agus gu fìrinneach riutsa.
Agus thubhairt i riu, Thugaibh am monadh oirbh, air eagal gun coinnich an luchd-tòrachd sibh; agus falaichibh sibh fhèin an sin trì làithean, gus am bi an luchd-tòrachd air tilleadh, agus an dèidh sin faodaidh sibh imeachd air ur slighe.
Agus rinn an sluagh iolach nuair a shèid na sagartan leis na trompaidean: agus nuair a chuala an sluagh fuaim na trompaid, agus a dh’èigh an sluagh le iolaich mhòir, an sin thuit am balla sìos gu làr; agus chaidh an sluagh suas don bhaile, gach duine dìreach roimhe, agus ghlac iad am baile.