Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 2:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair na daoine i, Ar n‑anam-ne air ur son-se gu bàs, mura foillsich sibh an gnothach seo againn. Agus tàrlaidh, nuair a bheir an Tighearna dhuinn an tìr, gum buin sinn gu coibhneil agus gu fìrinneach riutsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis, ma bhuineas sibh gu coibhneil agus gu fìrinneach rim mhaighistir, innsibh dhomh; agus mura buin, innsibh dhomh; a‑chum is gun tionndaidh mi a dh’ionnsaigh na làimhe deise, no na làimhe clìthe.

Agus dhlùthaich an t‑àm anns am b’èiginn do Israel bàs fhaotainn: agus ghairm e air a mhac Iòseph, agus thubhairt e ris, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shealladh, cuir, guidheam ort, do làmh fom leis, agus buin gu coibhneil agus gu fìrinneach rium; na adhlaic mi, guidheam ort, anns an Eiphit:

Agus chuir Daibhidh teachdairean a dh’ionnsaigh daoine Iabeis-ghilead, agus thubhairt e riu, Beannaichte gu robh sibh on Tighearna, a‑thaobh gun do nochd sibh an coibhneas seo dur tighearna, do Shaul, agus gun d’adhlaic sibh e.

Agus a‑nis, gun nochdadh an Tighearna coibhneas dhuibhse agus fìrinn: agus dìolaidh mise mar an ceudna am maitheas seo dhuibh, do bhrìgh gun do rinn sibh an nì seo.

Agus thubhairt Daibhidh, A bheil fhathast neach air bith a dh’fhàgadh de thaigh Shauil, a‑chum gun nochd mi dha coibhneas airson Ionatain?

Agus nuair a bha an rìgh a’ gabhail seachad, dh’èigh e ris an rìgh, agus thubhairt e, Chaidh d’òglach a‑steach gu meadhon a’ chatha, agus, feuch, thionndaidh duine a lethtaobh, agus thug e duine am ionnsaigh-sa, agus thubhairt e, Glèidh am fear seo: mura bi e ra fhaotainn air chor sam bith, bidh d’anam-sa airson a anama-san, no dìolaidh tu tàlann airgid.

Nach tèid iadsan air seachran a dhealbhas an t‑olc? Ach bidh tròcair agus fìrinn acasan a dhealbhas am math.

Feumaidh fear aig am bi càirdean càirdeas a nochdadh; agus tha caraid ann a leanas nas dlùithe na bràthair.

Is beannaichte na daoine tròcaireach: oir gheibh iad tròcair.

An sin leig an t‑àrd-cheannard uaithe an t‑òganach, agus dh’àithn e dha, ag ràdh, Feuch nach innis thu do neach sam bith gun d’fhoillsich thu na nithean seo dhòmhsa.

Agus gun glèidh sibh beò m’athair, agus mo mhàthair, agus mo bhràithrean, agus mo pheathraichean, agus na h‑uile a tha aca, agus gun saor sibh ar n‑anaman on bhàs.

An sin leig i sìos iad air còrd tron uinneig: oir bha a taigh air balla a’ bhaile, agus bha i a chòmhnaidh air a’ bhalla.

Agus bidh am baile mallaichte, e fhèin agus gach nì a tha ann, don Tighearna: a‑mhàin bidh Rahab an strìopach beò, i fhèin agus iadsan uile a tha maille rithe anns an taigh, a chionn gun d’fhalaich i na teachdairean a chuir sinn uainn.

Ach ris an dithis fhear a rannsaich a‑mach an tìr thubhairt Iosua, Rachaibh a‑steach do thaigh na strìopaich, agus thugaibh a‑mach as a sin a’ bhean, agus gach nì a tha aice, mar a mhionnaich sibh dhi.

Agus ghlèidh Iosua Rahab an strìopach beò, agus teaghlach a h‑athar, agus gach nì a bha aice: agus tha i na còmhnaidh ann an Israel gus an là‑an‑diugh, a chionn gun d’fhalaich i na teachdairean a chuir Iosua a rannsachadh a‑mach Iericho.

Uime sin buinidh tu gu coibhneil rid sheirbhiseach; oir thug thu air do sheirbhiseach coicheangal an Tighearna a dhèanamh riut: gidheadh, ma tha olc annamsa, marbh fhèin mi; oir carson a bheireadh tu mi a dh’ionnsaigh d’athar?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan