Agus gun glèidh sibh beò m’athair, agus mo mhàthair, agus mo bhràithrean, agus mo pheathraichean, agus na h‑uile a tha aca, agus gun saor sibh ar n‑anaman on bhàs.
A‑nis uime sin guidheam oirbh, mionnaichibh dhomh air an Tighearna, a chionn gun do nochd mi coibhneas dhuibh, gun nochd sibhse mar an ceudna coibhneas do thaigh m’athar-sa, agus gun toir sibh dhomh comharradh cinnteach;
Agus fhreagair na daoine i, Ar n‑anam-ne air ur son-se gu bàs, mura foillsich sibh an gnothach seo againn. Agus tàrlaidh, nuair a bheir an Tighearna dhuinn an tìr, gum buin sinn gu coibhneil agus gu fìrinneach riutsa.
Agus chaidh na h‑òganaich a bha nan luchd-rannsachaidh a‑steach, agus thug iad a‑mach Rahab, agus a h‑athair, agus a màthair, agus a bràithrean, agus gach nì a bha aice; agus thug iad a‑mach a dìlsean uile, agus chuir iad an taobh a‑muigh de champ Israeil iad.