Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 2:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis uime sin guidheam oirbh, mionnaichibh dhomh air an Tighearna, a chionn gun do nochd mi coibhneas dhuibh, gun nochd sibhse mar an ceudna coibhneas do thaigh m’athar-sa, agus gun toir sibh dhomh comharradh cinnteach;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

A‑nis uime sin mionnaich dhòmhsa air Dia nach buin thu gu fealltach riumsa, no rim mhac, no ri mac mo mhic: ach a rèir a’ choibhneis a rinn mi riut, nì thusa riumsa, agus ris an tìr anns an robh thu air chuairt.

Agus bheir mi ort mionnachadh air an Tighearna, Dia nèimh agus Dia na talmhainn, nach gabh thu bean dom mhac de nigheanan nan Canàanach, am measg a bheil mise am chòmhnaidh:

Agus chuir an seirbhiseach a làmh fo shliasaid Abrahàim a mhaighistir, agus mhionnaich e dha a‑thaobh an nì sin.

Ach cuimhnich thusa ormsa nuair a dh’èireas gu math dhut, agus dèan, guidheam ort, coibhneas dhomh, agus dèan iomradh orm ri Phàraoh, agus thoir a‑mach mi as an taigh seo:

Agus mar an ceudna rinn e ceannairc an aghaidh rìgh Nebuchadnesair, a thug air mionnachadh air Dia: ach ragaich e a mhuineal, agus chruadhaich e a chridhe o thionndadh a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia Israeil.

Oir cionnas as urrainn mi amharc air an olc a thig air mo shluagh? Agus cionnas as urrainn mi amharc air sgrios mo luchd-dàimh?

Agus bidh an fhuil dhuibh mar chomharradh air na taighean anns a bheil sibh; agus nuair a chì mise an fhuil, thèid mi thairis oirbh, agus cha bhi a’ phlàigh oirbh a‑chum ur milleadh nuair a bhuaileas mi tìr na h‑Eiphit.

Agus tàrlaidh, ma dh’fhòghlaimeas iad da‑rìribh slighean mo shluaigh-sa, gu mionnachadh air m’ainm, mar as beò Iehòbhah, amhail a theagaisg iadsan dom shluagh-sa mionnachadh air Bàal, an sin daingichear iad ann am meadhon mo shluaigh.

Agus bha an tì a bhrath esan air toirt comharraidh dhaibh, ag ràdh, Ge bè neach don toir mise pòg, is e sin e; glacaibh e, agus thugaibh leibh e gu tèarainte.

Eu‑cèillidh, nan luchd-brisidh coicheangail, gun ghràdh nàdarra, do‑rèiteachaidh, neo-thruacanta:

Ach mura dèan duine solar airson a chuideachd fhèin, agus gu h‑àraidh airson muinntir a theaghlaich, dh’àich e an creideamh, agus is miosa e na ana-creidmheach.

Oir gheibh esan breitheanas gun tròcair, nach do rinn tròcair; agus nì tròcair gàirdeachas an aghaidh breitheanais.

Agus gun glèidh sibh beò m’athair, agus mo mhàthair, agus mo bhràithrean, agus mo pheathraichean, agus na h‑uile a tha aca, agus gun saor sibh ar n‑anaman on bhàs.

Feuch, nuair a thig sinn don tìr, ceanglaidh tu an stìom seo de shnàth sgàrlaid anns an uinneig tron do leig thu sìos sinn: agus bheir thu d’athair, agus do mhàthair, agus do bhràithrean, agus teaghlach d’athar uile, dhachaigh ad ionnsaigh.

Agus tàrlaidh, ge bè neach a thèid a‑mach air dorsan do thaighe don t‑sràid, gum bi a fhuil air a cheann fhèin, agus bidh sinne neochiontach: agus ge bè neach a bhios maille riut anns an taigh, bidh a fhuil air ar ceann-ne ma bheanas làmh ris.

Ach ris an dithis fhear a rannsaich a‑mach an tìr thubhairt Iosua, Rachaibh a‑steach do thaigh na strìopaich, agus thugaibh a‑mach as a sin a’ bhean, agus gach nì a tha aice, mar a mhionnaich sibh dhi.

Agus rinn Iosua sìth riu, agus rinn e coicheangal riu, a leigeil leo a bhith beò: agus mhionnaich uachdarain a’ cho-chruinneachaidh dhaibh.

Agus chunnaic an luchd-bratha duine a’ teachd a‑mach as a’ bhaile, agus thubhairt iad ris, Feuch dhuinn, guidheamaid ort, an rathad a‑steach don bhaile, agus nochdaidh sinn tròcair dhut.

Agus thubhairt Daibhidh ris, An toir thu sìos mi a dh’ionnsaigh na buidhne sin? Agus thubhairt esan, Mionnaich dhomh air Dia, nach marbh thu mi, agus nach toir thu thairis mi do làimh mo mhaighistir, agus bheir mi sìos thu a dh’ionnsaigh na buidhne sin. Agus mhionnaich Daibhidh dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan