Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 2:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cho luath is a chuala sinne na nithean sin, leagh ar cridheachan, agus cha d’fhan tuilleadh a’ bheag de mhisnich ann an duine sam bith air ur son-se: oir an Tighearna ur Dia, is esan Dia anns na nèamhan shuas, agus air an talamh a‑bhos.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

A‑chum gum bi fhios aig uile shluagh na talmhainn gur e an Tighearna as Dia ann, agus nach eil ann ach e.

Agus thill e a dh’ionnsaigh an duine le Dia, e fhèin agus a chuideachd uile, agus thàinig e, agus sheas e na làthair; agus thubhairt e, Feuch, a‑nis tha fhios agam nach eil Dia anns an talamh uile ach ann an Israel: a‑nis, matà, guidheam ort, gabh tìodhlac od sheirbhiseach.

Agus nuair a chuala ar naimhdean uile e, agus a chunnaic na cinnich uile a bha mun cuairt dhuinn e, thilgeadh sìos gu mòr iad nan sùilean fhèin; oir dh’aithnich iad gum b’ann le ar Dia-ne a rinneadh an obair seo.

Agus anns gach mòr-roinn, agus anns gach baile, ge bè àite don tàinig àithne an rìgh agus a òrdagh, bha aoibhneas agus gàirdeachas aig na h‑Iùdhaich, cuirm, agus là math. Agus dh’fhàs mòran de shluagh na tìre nan Iùdhaich: oir thuit eagal nan Iùdhach orra.

Mar sin bidh eagal air na cinnich ro ainm an Tighearna, agus air uile rìghrean na talmhainn ro a ghlòir.

Mar uisge dhòirteadh a‑mach mi, agus sgàin mo chnàmhan uile o chèile; tha mo chridhe mar chèir, air leaghadh ann am meadhon mo chuim.

Leaghadh iad, mar uisgeachan a ruitheas gu saor; cuireadh Dia a shaighdean nan aghaidh, agus gearrar as iad.

A‑chum gum bi fhios aig daoine gur tusa a‑mhàin don ainm Iehòbhah, an Tì as àirde os cionn na talmhainn uile.

Nuair a chluinneas na cinnich bidh eagal orra; thig doilgheas air luchd-àiteachaidh Phailistìna.

An sin bidh uamhann air cinn-fheadhna Edoim, thig geilt-chrith air daoine treuna Mhòaib; leaghaidh air falbh luchd-àiteachaidh Chanàain uile.

Air an adhbhar sin lagaichear na h‑uile làmhan, agus leaghaidh cridhe gach duine.

Trom-eallach na h‑Eiphit. Feuch tha an Tighearna a’ marcachd air neul luath, agus a’ teachd don Eiphit; agus bidh iodhalan na h‑Eiphit air an gluasad na fhianais; agus leaghaidh cridhe na h‑Eiphit na meadhon.

Chuir mi roinn a’ chlaidheimh an aghaidh an geatachan uile, a‑chum gum meathadh an cridhe, agus gum meudaichear am milleadh: ah! rinneadh loinnreach e, gheuraicheadh airson an àir e.

Tha i falamh, agus faoin, agus fàs, agus tha an cridhe a’ leaghadh, agus na glùinean a’ bualadh air a chèile; agus tha mòran cràidh anns na h‑uile leasraidh; agus tha an aghaidhean gu lèir a’ tional dorchadais.

Càit an tèid sinn suas? Chuir ar bràithrean ar cridhe fo mhì-mhisnich, ag ràdh, Tha an sluagh nas mò agus nas àirde na sinne; tha na bailtean mòr, agus daingnichte suas gu nèamh, agus os bàrr, chunnaic sinn mic nan Anacach an sin.

Agus labhraidh an luchd-riaghlaidh, a bhàrr air sin, ris an t‑sluagh, agus their iad, Cò e an duine a tha gealtach, agus lag-chridheach? Rachadh e agus tilleadh e da thaigh, a‑chum nach dèan e cridhe a bhràithrean lag mar a chridhe fhèin.

Biodh agad fios uime sin an‑diugh, agus thoir fa‑near ad chridhe, gur e an Tighearna as Dia ann air nèamh shuas, agus air an talamh a‑bhos: chan eil ann ach e.

Gidheadh, thug mo bhràithrean, a chaidh suas maille rium, air cridhe an t‑sluaigh leaghadh: ach lean mise gu h‑iomlan an Tighearna mo Dhia.

Agus thubhairt iad ri Iosua, Gu fìrinneach thug an Tighearna thairis dar làimh am fearann uile: oir tha eadhon luchd-àiteachaidh na tìre uile air leaghadh far comhair.

Agus nuair a chuala uile rìghrean nan Amorach, a bha air an taobh thall de Iòrdan a làimh na h‑àird an iar, agus uile rìghrean nan Canàanach, a bha làimh ris an fhairge, gun do thiormaich an Tighearna suas uisgeachan Iòrdain ro chloinn Israeil, gus an deachaidh sinn thairis, leagh an cridhe, agus cha robh spiorad tuilleadh annta, airson chloinn Israeil.

Agus bhuail fir Ai dhiubh mu thimcheall sia-fir-dheug ar fhichead: oir chuir iad an ruaig orra o chomhair a’ gheata eadhon gu Sebarim, agus bhuail iad anns an dol sìos iad; uime sin leagh cridhe an t‑sluaigh, agus dh’fhàs e mar uisge.

Agus fhreagair iad Iosua, agus thubhairt iad, Do bhrìgh gun d’innseadh gu cinnteach dod sheirbhisich cionnas a dh’àithn an Tighearna do Dhia da òglach Maois am fearann uile a thoirt dhuibh, agus luchd-àiteachaidh na tìre uile a sgrios romhaibh, uime sin bha eagal mòr ar n‑anaman oirnn romhaibh, agus rinn sinn an nì seo.

Agus thubhairt iad ris na slèibhtean agus ris na creagan, Tuitibh oirnn, agus falaichibh sinn o ghnùis an Tì a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus o fheirg an Uain:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan