Iosua 2:1Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus chuir Iosua mac Nuin a‑mach à Sitim dithis dhaoine a rannsachadh a‑mach gu h‑uaigneach, ag ràdh, Imichibh, rannsaichibh a‑mach an tìr, agus Iericho: agus dh’imich iad, agus chaidh iad a‑steach do thaigh strìopaich, dom b’ainm Rahab, agus laigh iad an sin. Faic an caibideil |
Agus chaidh an còignear fhear suas a chaidh a ghabhail beachd air an tìr, agus thàinig iad a‑steach an sin, agus ghabh iad an dealbh snaidhte, agus an èphod, agus an teraphim, agus an dealbh leaghte: agus sheas an sagart aig dol a‑steach a’ gheata, agus an sia ceud fear a bha crioslaichte le innealan cogaidh.
Agus chuir clann Dhain còignear den teaghlach on crìochan, daoine treuna, o Shorah agus o Estaol, a ghabhail beachd air an tìr, agus ga rannsachadh a‑mach; agus thubhairt iad riu, Imichibh, rannsaichibh a‑mach an tìr. Agus thàinig iad gu sliabh Ephraim, gu taigh Mhicah, agus dh’fhan iad an sin rè na h‑oidhche.