Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 19:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑mach à crannchur chloinn Iùdah bha oighreachd chloinn Shimeoin: oir bha cuibhreann chloinn Iùdah ro‑mhòr dhaibh; uime sin bha aig cloinn Shimeoin an oighreachd ann am meadhon an oighreachd-san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Mallaichte gu robh an corraich, oir bha i garg; agus am fearg, oir bha i an‑iochdmhor: roinnidh mi iad ann an Iàcob, agus sgaoilidh mi iad ann an Israel.

Agus nuair a thomhais iad e le omer, cha robh a’ bheag thairis aigesan a chruinnich na bu mhò, agus air-san a chruinnich na bu lugha, cha robh uireasbhaidh: chruinnich gach duine a rèir a itheannaich.

Agus làimh ri crìch Reubein, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Iùdah.

Do mhòran bheir thu nas mò de oighreachd, agus do bheagan bheir thu nas lugha de oighreachd: bheirear a oighreachd fhèin do gach aon, a rèir an àireimh.

Agus thàinig an treas crannchur a‑mach airson chloinn Shebuluin, a rèir an teaghlaichean: agus bha crìoch an oighreachd-san gu Sarid.

Agus na bailtean beaga uile a bha mu thimcheall nam bailtean mòra sin, gu Balat-beer-ramat, mu dheas. B’i sin oighreachd treubh chloinn Shimeoin, a rèir an teaghlaichean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan