Nuair a chuir iad crìoch air an fhearann a roinn mar oighreachd a rèir an crìochan, thug clann Israeil oighreachd do Iosua mac Nuin nam measg:
Is i sin oighreachd treubh chloinn Dhain, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra sin lem bailtean beaga.
A rèir facal an Tighearna, thug iad dha am baile a dh’iarr e, eadhon Timnat-serah ann an sliabh Ephraim, agus thog e am baile, agus ghabh e còmhnaidh ann.
Agus dh’adhlaic iad e ann an crìch a oighreachd fhèin ann an Timnat-heres, ann an sliabh Ephraim, air an taobh mu thuath de shliabh Ghaais.