Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 19:46

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus Me‑iarcon, agus Racon, maille ris a’ chrìch fa chomhair Iapho.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

A‑nis air an adhbhar sin an cruithneachd, agus an t‑eòrna, an ola, agus am fìon, air an do labhair mo thighearna, cuireadh e iad a dh’ionnsaigh a sheirbhiseach:

Agus gearraidh sinne fiodh à Lebanon, a rèir gach feum a bhios agad; agus bheir sinn ad ionnsaigh e na ràthan air muir gu Iopa; agus bheir thusa suas e gu Ierusalem.

Ach dh’èirich Ionah suas gu teicheadh do Tharsis o fhianais an Tighearna; agus chaidh e sìos gu Iopa; agus fhuair e long a’ dol gu Tarsis, agus phàigh e an luach-aisig, agus chaidh e sìos innte, gu dol leo gu Tarsis, o làthair an Tighearna.

Agus nuair a chuir e an t‑iomlan an cèill dhaibh, chuir e iad gu Iopa.

A‑nis bha ban-deisciobal àraidh ann an Iopa dom b’ainm Tabita, is e sin, air eadar-theangachadh, Dorcas: bha a’ bhean seo làn de dheagh obraichean, agus de dhèircean a rinn i.

Agus air do Lida a bhith fagas do Iopa, agus air cluinntinn do na deisciobail gu robh Peadar an sin, chuir iad dithis dhaoine da ionnsaigh, a’ guidhe air a theachd dan ionnsaigh gun dàil.

Agus fhuaireadh fios air seo tre Iopa uile; agus chreid mòran anns an Tighearna.

Agus thàrladh gun d’fhan e mòran làithean ann an Iopa maille ri Sìmon àraidh, fear-deasachaidh leathair.

Agus Iehud, agus Bene-berac, agus Gat-rimon,

Agus chaidh crìoch chloinn Dhain a‑mach ro ghann dhaibh: uime sin chaidh clann Dhain suas agus chog iad an aghaidh Leseim, agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus shealbhaich iad e, agus ghabh iad còmhnaidh ann, agus thug iad Dan mar ainm air Lesem, a rèir ainm an athar Dan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan