Agus rinn Baasa mac Ahiah, de thaigh Asachair, ceannairc na aghaidh: agus bhuail Baasa e làimh ri Gibeton, a bhuineas do na Philistich, nuair a bha Nàdab agus Israel uile a’ teannachadh Ghibetoin.
Anns an t‑seachdamh-bliadhna-fichead de Asa rìgh Iùdah, rìghich Simri seachd làithean ann an Tirsah: agus bha an sluagh air campachadh an aghaidh Ghibetoin, a bhuineadh do na Philistich.