An sin labhair Iosua ris an Tighearna, anns an là anns an tug an Tighearna suas na h‑Amoraich ro chloinn Israeil, agus thubhairt e am fianais Israeil, A ghrian, air Gibeon stad, agus thusa, a ghealach, air gleann Aialoin.
Ach b’àill leis na h‑Amoraich còmhnaidh a ghabhail ann an sliabh Hereis ann an Aialon, agus ann an Saalbim: gidheadh bhuadhaich làmh taigh Iòseiph, agus bha iad fo chìs dhaibh.
Agus chaidh e tro mhonadh Ephraim, agus chaidh e tro thìr Shalisa, ach cha d’fhuair iad iad: an sin chaidh e tro thìr Shalaim, agus cha robh iad an sin: agus chaidh e tro thìr nam Beniàmineach, ach cha d’fhuair iad iad.