Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 19:41

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus b’i crìoch an oighreachd Sora, agus Estaol, agus Ir‑semes,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus teaghlaichean Chiriat-iearim: na h‑Itrich, agus na Puthich, agus na Sumataich, agus na Misraich: uapasan thàinig na Sereataich, agus na h‑Estaulaich.

Agus Sorah, agus Aialon, agus Hebron, a tha ann an Iùdah, agus ann am Beniàmin, nam bailtean daingnichte.

Agus anns a’ chòmhnard, Estaol, agus Soreah, agus Asnah,

Agus thàinig an seachdamh crannchur a‑mach do threubh chloinn Dhain, a rèir an teaghlaichean.

Agus Saalabin, agus Aialon, agus Ietlah,

Agus bha duine àraidh de Shorah, de theaghlach nan Danach, dom b’ainm Manòah; agus bha a bhean neo-thorrach, agus cha do rug i clann.

Agus thòisich spiorad an Tighearna ra bhrosnachadh air uairean ann an camp Dhain, eadar Sorah agus Estaol.

Agus chaidh a bhràithrean agus taigh a athar uile sìos, agus ghabh iad e, agus thug iad suas e, agus dh’adhlaic iad e eadar Sorah agus Estaol, ann an àit-adhlaic Mhanòah, a athair: agus thug e breith air Israel fichead bliadhna.

Agus chuir clann Dhain còignear den teaghlach on crìochan, daoine treuna, o Shorah agus o Estaol, a ghabhail beachd air an tìr, agus ga rannsachadh a‑mach; agus thubhairt iad riu, Imichibh, rannsaichibh a‑mach an tìr. Agus thàinig iad gu sliabh Ephraim, gu taigh Mhicah, agus dh’fhan iad an sin rè na h‑oidhche.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan