A‑nis is iad seo ainmean nan treubh. On cheann mu thuath gu iomall slighe Hetloin, mar a thèid neach gu Hamat, Hasarenan, crìoch Dhamascais mu thuath, gu iomall Hamait (oir is iad seo a thaobhan an ear agus an iar), bidh aon roinn aig Dan.
Agus bhuail Iosua tìr nam beann uile, agus na h‑àird a deas, agus a’ chòmhnaird, agus nan tobar, agus an rìghrean uile: cha d’fhàg e aon air bith beò, ach lèirsgrios e gach neach anns an robh anail, mar a dh’àithn an Tighearna Dia Israeil.
Anns na làithean sin cha robh rìgh air bith ann an Israel: agus anns na làithean sin dh’iarr treubh nan Danach dhaibh fhèin oighreachd anns an gabhadh iad còmhnaidh; oir gu ruig an là sin cha do thuit an oighreachd uile orra am measg treubhan Israeil.