Is i sin oighreachd treubh chloinn Naphtali, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga.
Agus dh’èisd Ben-hadad ri rìgh Asa, agus chuir e ceannardan nan armailtean a bha aige, an aghaidh bailtean Israeil, agus bhuail e Iion, agus Dan, agus Abel-bet-maacah, agus Chinerot uile, maille ri tìr Naphtali uile.
Agus làimh ri crìch Aseir, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Naphtali.
Agus Iron, agus Migdal-el, Horem, agus Bet-hanat, agus Bet-semes; naoi mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga.
Agus thàinig an seachdamh crannchur a‑mach do threubh chloinn Dhain, a rèir an teaghlaichean.