Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 19:38

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus Iron, agus Migdal-el, Horem, agus Bet-hanat, agus Bet-semes; naoi mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Ach cha d’èisd Amasiah ris: uime sin chaidh Iehoas rìgh Israeil suas, agus dh’amhairc e fhèin agus Amasiah rìgh Iùdah air aghaidh a chèile aig Bet-semes, a bhuineas do Iùdah.

Agus chaidh a’ chrìoch mun cuairt o Bhàalah air an làimh an iar gu sliabh Sheir, agus ghabh i thairis gu taobh sliabh Iearim (is e sin Chesalon), air an taobh mu thuath, agus chaidh i sìos gu Bet-semes, agus ghabh i air a h‑aghaidh gu Timnah:

Agus tha a’ chrìoch a’ ruigheachd gu Tabor, agus Sahasimah, agus Bet-semes, agus bha dol a‑mach an crìche aig Iòrdan: sia mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga.

Agus Cedes, agus Edrei, agus En‑hasor,

Is i sin oighreachd treubh chloinn Naphtali, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga.

Cha mhò a dh’fhuadaich Naphtali a‑mach luchd-àiteachaidh Bhet-semeis, no luchd-àiteachaidh Bhet-anait; ach ghabh e còmhnaidh am measg nan Canàanach, luchd-àiteachaidh na tìre: gidheadh bha luchd-àiteachaidh Bhet-semeis agus Bhet-anait fo chìs dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan