Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 19:35

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus is iad na mòr-bhailtean daingnichte Sidim, Ser, agus Hamat, Racat, agus Cineret,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus an t‑Arbhadach, agus an Semàrach, agus an t‑Hamatach: agus na dhèidh sin sgaoileadh a‑mach teaghlaichean nan Canàanach.

Agus chùm Solamh anns an àm sin fèill, agus Israel uile maille ris, coitheanal mòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit, am fianais an Tighearna ar Dia, seachd làithean agus seachd làithean, eadhon ceithir-là‑deug.

Ann an làithean Phecah rìgh Israeil thàinig Tiglat-pileser rìgh Asiria, agus ghlac e Iion, agus Abel-bet-maachah, agus Ianòah, agus Cedes, agus Hasor, agus Gilead, agus Galile, uile thìr Naphtali, agus thug e nam braighdean iad gu Asiria.

Mar sin chaidh iad suas, agus rannsaich iad am fearann o fhàsach Shin gu Rehob, mar a thèid daoine gu Hamat.

O shliabh Hor comharraichidh sibh ur crìoch gu dol a‑steach Hamait; agus bidh dol a‑mach na crìche gu Sedad.

Agus nuair a chaidh iad thairis, thàinig iad gu talamh Ghenesaret, agus tharraing iad gu tìr.

An còmhnard mar an ceudna, agus Iòrdan, agus a chrìochan, o Chineret, eadhon gu muir a’ chòmhnaird, a’ mhuir shalainn fo Asdot-pisgah a làimh na h‑àird an ear.

Agus a dh’ionnsaigh nan rìgh a bha mu thuath anns na beanntan, agus anns a’ chòmhnard mu dheas de Chinerot, agus anns a’ ghleann, agus ann an crìochan Dhoir, air an làimh an iar;

Agus anns a’ ghleann, Betaram, agus Bet-nimrah, agus Sucot, agus Saphon, a’ chuid eile de rìoghachd Shihoin rìgh Hesboin, Iòrdan agus a crìoch, eadhon gu oir fairge Chineret, air taobh eile Iòrdain a làimh na h‑àird an ear.

Agus an sin tha a’ chrìoch a’ tilleadh an iar gu Asnot-tabor, agus a’ dol a‑mach o sin gu Hucoc, agus tha i a’ ruigheachd gu Sebulun air an taobh mu dheas, agus a’ ruigheachd gu Aser air an taobh an iar, agus gu bruachan Iòrdain leth ri èirigh na grèine.

Agus Adamah, agus Ramah, agus Hasor,

Agus chuir iad air leth Cedes ann an Galilee ann an sliabh Naphtali, agus Sechem ann an sliabh Ephraim, agus Ciriat-arba (eadhon Hebron), ann an sliabh Iùdah.

Agus à treubh Naphtali, Cedes ann an Galilee le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Hamot-dor le a fhearann co‑roinn, agus Cartan le a fhearann co‑roinn: trì bailtean.

Agus chuir i fios, agus ghairm i Barac, mac Abinoaim, a‑mach à Cedes-naphtali, agus thubhairt i ris, Nach d’àithn an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, Imich, agus tarraing gu sliabh Thaboir, agus thoir leat deich mìle fear de chloinn Naphtali, agus de chloinn Shebuluin;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan